Doing a PhD through the medium of Gaelic – a learner’s perspective
Beurla gu h-ìosal / English below Is mise Rebecca agus tha mi san dàrna bhliadhna den PhD agam aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach, le taic-airgid bho Sgoil Ceumnachaidh na h-Alba airson Ealain agus Daonnachdan. Ged gu bheil mi a’ dèanamh am PhD agam tro mheadhan na Gàidhlig, chan i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan agam. Rugadh is thogadh mi san Ostair agus thàinig mi a dh’Alba ann an 2022 airson na Gàidhlig ionnsachadh. Chòrd e rium cho mòr ’s gu bheil mi fhathast an seo is fiù ’s a’ dèanamh am PhD agam sa Ghàidhlig. ’S e obair chruaidh a th’ ann a bhith a’ dèanamh sgrùdadh tro mheadhan cànan cèin is tu fhathast ga ionnsachadh. Ach, chanainn-sa gur e obair chruaidh a th’ ann a bhith a’ dèanamh PhD ann an cànan sam bith. B ha e duilich dhomh an toiseach faighinn cleachdte ri bhith ag obair an dà chuid air an rannsachadh agam agus air mo chuid Ghàidhlig is mi a’ faireachdainn mar nach robh mi a’ cur ùine gu leòr seachad air an rannsachadh fhèin. Ged ...